Air a’ choigeamh latha den t-Ogmhios dà mhìle fichead sa sia, fhuair mi cothrom air leth dol an sàs anns am Mòd Ionadail Leòdhais. Ghabh mi pàirt ann an co-fharpais a’ bhogsa sa mhadainn agus bha mi dìreach air mo dhòigh ghlan gun do choisinn mi am bràiste òr agus Cupa Cuimhnichidh Màiri NicGilleEathain air a shon. Air an oidhche, bha agam ri cluich aig an Cuirm Deireannach air sgàth na choisinn mi sa mhadainn. ‘S ann air sgàth sin gun d’fhuair mi a-mach gun do choisinn mi am bràiste òr airson sgrìobhadh agus Duais Litreachais Comunn na Gàidhlig còmhla ris airson an dàrna bhliadhna ann an sreath.
Thoisich mi a’ deasachadh air a shon anns an t-Samhain dà mhìle fichead sa còig às dèidh dhomh buannachadh airson sgrìobhadh Gàidhlig aig a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar. Thoisich mi a’ deasachadh na bu traithe air sgàth gun robh tòrr cho-fharpaisean agam ri dhèanamh am bliadhna seo. Airson a’ bhogsa-phutain, chuir mi air dòigh mi seata CSR (cacaismeachd, srath speidh, agus ruidhle) anns na robh na puirt Rarhad Chaluim, tocainnean Daoimean, agus Chan eil mo leannan ann seo. Fhuair mi cothrom beagan a bharrachadh obair deasachaidh a dèanamh aig Fèis Còig Latha anns a’ Ghiblein leis an t-uabhas taic bhom charaid Mirabel agus caraidean eile air sgàth gun tug mo chòmhradh leotha brosnachadh dhomh ri thaobh dè cho beothail sa tha ar cànan dha-rìribh.
‘S ann air a’ Mhetagama a sgrìobh mi am pìos seo. Chan eil mi buileach cinnteach carson a sgrìobh mi pìos a rinn iomradh air a’ Mhetagama. Ach, ‘s e sinn a rinn mi. Aig am fìor toiseach, bhrosnaich leabhar mi air a bheil Soraidh Slàn Le Hallaig a sgrìobh Maoilios Caimbeul mar phàirt den t-sreath Feuch Ficsean a bha ag amas air luchd-ionnsachadh nas sine a tharraing gu litreachas na Gàidhlig. Chòrd an leabhar fhèin rium glan, agus bidh mi fhathast ga ath-leughadh cho tric sa ghabhas. Saoilidh mi gun do chòrd e rium cho math air sgàth gun robh tionndaidh a choireigin anns gach caibideil a thug orm cumail a’ dol a’ leughadh an sgeulachd gus an do ràinig mi an deireadh. Nuair a thoisich mi a chuir an sgeulachd ri chèile, bha dùil agam sgrìobh mu na fuadaichean ann an sgìre Nis a thug air màthair agus caileag òg imrich a dhèanamh a-null a Chànada. Ach, leis an fhirinn innse, bha e fada ro fhada. Mas math mo chuimhne, sgrìobh mi seachd mìle facail ann an latha den sgeulachd siud a-mhàin, b’fheudar dhomh leabhar a’ sgrìobhadh. Leis gun robh e cho fada sin, cha b’fhada gus b’fheudar dhomh ath-thoisicheadh agus aon phàirt den chuspair a thaghadh gus sgeulachd na bu ghiorra chur air dòigh dhomh fhèin. Mar chuspair, thaghadh mi in-imrich, agus thug greiseag bheag dhomh an sgeulachd slàn a’ sgrìobhadh sìos agus a h-uile càil fhaighinn ceart mar a dh’iarrainn. Ach, aig a cheann thall, chuir mi crìoch air anns an Gearran, agus chan eil mi buileach cinnteach cia mheud turas a rinn mi ath-sgrìobhadh air am pìos gus an do shaoil gun do sgrìobh mi e a- mach ann an stoidhle a bha grinn gu leòr. As dèidh làimh, thug mi an sgeulachd dhan an tidsear ann an Roinn na Gàidhlig aig an àrd-sgoil.
Ri thaobh mo bhogsa-phutain, chuir mi an seata ciùil air dòigh anns am Faoilleach. B’e Rathad Chaluim, Stocainnean Daoimean, agus Chan eil mo Leannan ann an seo an seata a chuir mi air dòigh airson an co-fharpais seo. B’e seo an co-fharpais bu dorra dhomhsa gu pearsanta air sgàth gum bi gam theagasg fhèin agus tha sin aig amannan ga dhèanamh nas dùbhlanaiche dhomh puirt a thogail agus ionnsachadh gu ìre far am b’urrainn dhomh cluich aig ìre farpaiseach. Ach, aig a’ cheart àm, tha e cuideachd nas fhasa nuair a tha mi gam theagasg fhèin air sgàth gum faodaidh mi taghadh dè tha mi ag iarraidh ionnsachadh agus an astar anns am bi mi ga h-ionnsachadh. Gun teagamh sam bith fon ghrèin, b’e Rathad Chaluim am pìos bu dorra a-mach às an seata gu lèir air sgàth gu bheil iomadh pàirt anns am port a tha dùbhlanach ri chluich ri taobh a h-uile càil eile. Bha agam ris am port a chluich aig an Ciuirm Deireannach air sgàth gun do choisinn mi a’ phrìomh duais air a shon agus ‘s ann mar sin a fhuair mi a-mach gun do bhuannaich airson am pìos sgrìobhaidh agam. Ann an co-dhùnadh tha mi air mo dhòigh ghlan ri thaobh ciamar a rinn mi anns na co-fharpaisean air fad agus tha mi dìreach air bhioran airson a’ Mhòid Nàiseanta ann an Glaschu san Damhair.



