Ainm: Iasmine Nic a’ Ghobhainn
O chionn cola-deug, dh’fhalbh mi a-null a Ghlaschu còmhla ri m’athair air sgàth gun deach fiolm am buidheann agam ainmeachadh airson an Duais Comadaidh anns an co-fharpais fo aois ochd-deug. ‘S e Oifigear Coimhearsnachd ùr an t-ainm a th’air an fiolm, agus dh’obraich mi ann am buidheann le mo charaidean Calum, Uisdean, agus Seumaidh. B’e Koren Moireach Pickering a bha os cionn an fiolm, agus b’ise Oifigear Coimhearsnachd Steòrnabhaigh agus Sgoil MhicNeacail. Fhuair sinn taic cuideachd bho Thormoid MacLeòid agus Shaun MacLeòid à An Lanntair ann an Steòrnabhagh. Bu mhath leam mo thaing a thoirt dhaibh airson an taic a thug iad dhuinn tron planadh, clàradh, agus gearradh.
Ri thaobh an turas fhèin, dh’fhalbh mi fhèin agus m’athair air an itealan bhon phort adhair aig ochd uairean sa mhadainn agus rinn sinn ionnsaigh air Ghlaschu aig naoi uairean sa mhadainn. B’ann san oidhche a bha na duaisean fhèin, agus tha sin a’ ciallachadh gun d’fhuair sinn cothrom dol tron Taigh-tasgaidh Kelvingrove, agus tron bhùithtean eadar-dhealaichte a th’aca ann an Glaschu. Cheannaich mi barrachd leabhraichean na b’fheudar dhomh, ach ‘s beag mo dhiù.
Bha na duaisean fhèin dìreach mìorbhaileach, cha ghabh a chreids cho eireachdail sa bha e. Fhuair mi cothrom coinneachadh le sean charaidean nach fhaca mi airson còrr is bliadhna. Ged nach do bhuannaich sinn, tha mi cho sona brog gun d’fhuair mi cothrom dol ann idir. Tha mi cuideachd cho taingeil sa ghabhas gun do choisinn mi cothrom sealltainn dha m’athair cho deatamach sa tha seo dha mo bheatha.
Ann an co-dhùnadh, tha mi cho taingeil gun d’fhuair mi ann. B’e turas a bh’ann nach dìochuimhn’ a chaoidh tuilleadh. Ceud mìle taing don Bhean-phosta NicChoinnich à Roinn na Gàidhlig airson na gillean eile a thoir a-null a Ghlaschu agus airson an cothrom a thoirt dhaibhsan cuideachd.

